Order of Service


Follows tradtional Presbyterian Service

Example service show below:

SALM XXVII, 1-2

  1. 'Se Dia mo sholus, is mo shlaint',
    cò chuireas eagal orm?
    'Se neart mo bheatha Dia nan dùl
    cò chuireas fait' cheas fo'm?

  2. Mo nàimhde, m'eascairde, luchd-uilc,
    thàth thàinig orm gu bras,
    Gu gionach dh'itheadh m'fheòla suas,
    fhuair tuisleadh, thuit gu cas.

Urnuigh

SALM XLIII, 3-4

  1. Dhia d'fhìrinn is do sholus glan,
    leig thugam iad a mach.
    Ga m' sheòladh chum do thulaich naoimh,
    's mo thabhairt chum do theach.

  2. 'N sin racham dh'ionnsuidh altair Dhè,
    an Dè sin m'aoibhneas mhòir;
    Air clàrsach bhinn do mholam thu,
    O Dhia, mo Dhia na gloir.

Leughadh an Sgriobtuir

Soisgeul Eoin 1, 14-17

Romanach 5, 1-5

Ephesianach 2, 1-10

SALM XXXVI, 5-6

  1. Do thròcair tha 'sna nèamhaibh shuas,
    a Thighearn' is a Dhè.
    Gu ruig na neoil, is àird' nan speur,
    làn ruigidh d'fhìrinn rèidh.

  2. Do cheartas mar na slèibhtibh àrd,
    do bhreth mar dhoimhneachd mhòir,
    Air duine 's ainmhidh ni thu, Dhè,
    deagh-choimhead agus foir.

An Teachaireachd
Urnuigh
Fios
An Tabhartas


SALM LXXXIV, 11-12

  1. Oir 's grian, 's is sgiath Iehobhah Dia;
    is bheir e gràs is glòir;
    'S cha chum e maith air bith o'n dream,
    ghluaiseas gu dìreach còir.

  2. O Thighearn' is a Dhia nan sluagh
    is beannaicht' e gun cheisd.
    An duine sin, gu muinghineach
    d'an dòchas thu am feasd.

Am Beannachadh