Seirbhisean Gaidhlig Lunnainn


London Gaelic Services

Tuigear gum bheil Gaidheil Lunnainn eudmhor is dileas, chan ann a mhain do chanain agus do cheol an athraichean - tha iad sin – ach do na nithean spioradail is seasmhach sin a rinn ainm a Ghaidheil iomraiteach feadh an t- saoghail mhoir.

Chaidh Comhairle chur air chois chum ‘s gum bitheadh seirbhis Ghaidhlig againn uair san raith. Sios nam bliadhnachan bhitheadh a Choimhairle seo a toirt cuiridh do Mhinistearan Gaidhealach as gach Eaglais, agus as gach cearn de’n Ghaidhealtachd, gus a bhith an ceann nan seirbhisean seo.

Bho chionn sia fichead bliadhna air ais chrunnicheadh suim mhaith airgid los cosgas nam Ministearan seo a sheasamh agus mar sin dh’fhaodadh, agus faodaidh fhathasd, Gaidheil Lunnainin aoradh ‘n an cainnt fhein co-dhuibh uair san raith agus fior Mhinistear Gaidhealach air an ceann.

Tha iomadh Gaidheal sonraichte bu choir ainmeachadh an coimh-cheangal ris na seirbhisean seo, ‘n am measg Iain Macphearsoin Am Morair Strathcarain, Domhnull Moireach a Alanais, Lachlann Caimbeul as an Apuinn agus an Ridir Alasdair MacChoinnich Mac-an-Leigh bho’n a Chomraich comhla ri Iseabail Nic-Mhoireach a bhuineadh do Gharrabosd an Leodhas.

Thatar an comain nan Gaidheal snasail agus eudmhor so, ach cha robh Ministear a bha dol an ceann na seirbhise Ghaidhlig an Lunnainn nach robh an comain fear Togail nam Fonn, Seumas Caimbeul, a Doirnidh, Cinn-Taile. Choisinn Seumas am bonn oir air son seinn aig a’Mhod, an 1928. Bha e a’ deanamh feum mhaith dh’ a ghuth agus dh’ a thaland ann an aoradh Dhe.

Bha cleachdadh ciatach aca ann a bhith coinneachadh an talla na h-eaglaise gu cupan teighe an deidh na seirbhise. ‘Se seo fhathasd am fasan agus tha so a’toirt cothrom do na cairdean breith air laimh, agus facal comhraidh a bhith aca ris a’ Mhinistear bharr na Gaidhealtachd. Guma fada leanas piseach freasdail agus a laigheas beannachd Dhe’ air Seirbhisean Gaidhlig Lunnainn.